Leabhar na Bliadhna - Duais Dhòmhnaill Meek 2015 - ri fhaighinn an-dràsta bho Chomhairle nan Leabhraichean Fòn 0141 337 6211
“…Bhuail gleoc Scarborough ceithir uairean. Sheall e ris, ’s ris an uaireadair air cùl a dhùirn. “Tha e air thoiseach,” thuirt mi. “Gleoc gun fheum. Chan eil e a’ cumail na h-uair. Gleoc a thug Ceit m’ antaidh dhachaigh bhon iasgach,” thuirt mi.
“Dè tha thu dol a dhèanamh, Rocky? Coma leat dhen a’ ghleoc.” “Dol a dh’fhalbh. Dè eile?” “Cà ’il thu dol?” “Dol a theich às an diabhal àite seo. Làn thìd’ agam.” “C’ àite?” “Uill … cò aig tha fios. Na Hearadh? Hiort?” “Beiridh a’ bhiast ort an sin cuideachd.” “Tierra del Fuego?” “Na ceàrnaidhean as iomallaich, beiridh i ort. Air an rathad a ghabhas tu gus a seachnadh, coinnichidh i riut.” “Dè nì mi, a-rèist?” “An rèite,” thuirt e. “Mar as luaith’, ’s ann as fheàrr.” …”
Tha Eilidh a’ fàs suas ann an coimhearsnachd far a bheil an creideamh Crìosdail gu math cudromach. ‘S e a’ bhliadhna 1905 a th’ ann. Tha tachartasan – math agus dona – ga gluasad gu smuaintean gu math domhainn.
‘S e nighean laghach, chòir a th’ innte ach tha e glè dhoirbh dhi maitheanas a thoirt dhan dithis bhalach a bha a’ dèanamh buaireadh sa choimhearsnachd agus a ghoirtich i fhèin.
Gheibhear dealbh bhlàth de theaghlach Eilidh, den nàbaidhean agus den t-saoghal sa bheil iad beò, trang leis an liuthad obair croite tha ri dhèanamh tro na ràithean, agus taiceil dha chèile. Agus, beag air bheag, tha Eilidh a’ tighinn gu tuigse mun chreideamh Chrìosdail agus mar bu chòir maitheanas a thoirt do dhaoine a nì cron.